Suche einschränken:
Zur Kasse

An Ròsarnach

B' e an Ròsarnach iris a dheasaich is a chuir Ruaraidh Arascain is Mhàrr a-mach ann an ceithir leabhraichean bho 1917 gu 1930. Bha i na ceum adhartach dha-rìribh aig an àm, agus i a' gabhail a-steach a h-uile cruth is cusipair sgrìobhaidh a dh'fhaodte a luaidh: altan air feallsanachd Phlato is Aristotle is air brìgh na bòidhcheid, sgeulachdan èibhinn is tiamhaidh, eachdraidhean iomairtean is dhaoine, dàin aotrom is dhomhain, agus a h-uile gnothach eile a ghabhadh pasgadh eadar faisg air sia ceud duilleag.
Is beag an t-iongnadh mar sin gum faighear cuid de na h-ùghdaran Gàidhlig a b' iomraitiche san fhicheadamh linn ann: Dòmhnall Mac na Ceàrdaich, Aonghas MacEanraig, Ùisdean Lang, is mòran eile, a bharrachd air Ruaraidh fhèin.
Tha an Clò Glas toilichte a bhith a' cur an stòrais thomadaich phrìseil seo am follais a-rithist, agus sin ann an riochd tha gleansach is ùr, saor is so-leughte. Is math as t-fhiach do Ghàidheil an latha an-diugh an Ròsarnach a leughadh.
This is a compendium of great Gaelic writing of all styles and genres, from poetry and short stories to opinion pieces, histories, biographies and philosophical works.
There's something for everyone here, and all in great Gaelic.

CHF 42.90

Lieferbar

ISBN 9781777328832
Sprache gla
Cover Kartonierter Einband (Kt)
Verlag An Clò Glas
Jahr 20220817

Kundenbewertungen

Dieser Artikel hat noch keine Bewertungen.