Suche einschränken:
Zur Kasse

Cailin Sgiathanach

MacLeòid, Seumas

Cailin Sgiathanach

B' i Cailin Sgiathanach, no Faodalach na h-Abaid an treas nobhail a sgrìobhadh anns a' Ghàidhlig. Nochd i an toiseach sa bhliadhna 1923, agus cha do dh'fhoillsicheadh nobhail Ghàidhlig eile gu ceann còrr is dà fhichead bliadhna. Tha i, mar sin, na puing àraid agus na ceum bunaiteach ann an eachdraidh litreachas nan Gàidheal. Tha an Clò Glas toilichte a bhith ga cur air thairgse don mhòr-shluagh a-rithist, leis an dùil 's leis an dùrachd gum faigh an leughadair an aon toileachadh 's a fhuair fear-dèanaimh an leabhair innte.
Leanaidh an sgeulachd tè Mòrag Ros, a chaidh uchd-mhac-achadh le teaghlach fear Dhiùirinis is i na nighinn bhig. Ge math am bainne a fhuair i aca, thig car dosgainneach na fortan nuair a chuirear teicheadh air a leannan a-null don t-saoghal ùr, agus ìmpidh oirrese a dhol air beulaibh na h-altrach le fear beartach ris nach do labhair i facal riamh.
Tha iomadh car is cuiread eile a thig am follais rè an sgeòil, agus a rùintean fhèin aig gach duine a thaobh cùrsa beatha na h-ìghne. A dh'aindeoin nam brùthaidhean a th' air gach taobh dhi, nì Mòrag a dìcheall gus an t-slighe a b' fheàrr leatha fhèin, agus eòlas air a h-eachdraidh fhèin, a thoirt a-mach san t-saoghal seo.
The story follows Morag Ross, who was adopted by the family of a man from Durinis as a little girl. Despite her good upbringing, her luck comes to a standstill when her lover is forced to flee to the "New World", and she is persuaded to go to the altar with a rich man she has never spoken to before.

CHF 27.50

Lieferbar

ISBN 9781777328818
Sprache gla
Cover Kartonierter Einband (Kt)
Verlag An Clò Glas
Jahr 20210118

Kundenbewertungen

Dieser Artikel hat noch keine Bewertungen.